|
|
Chan Fhaigh Mi Bas Ach Maiream Beo
Mar chuimhneachan air m`athair, Dòmhnall Macleòid a Càrlabhagh, a chaochail 9/9/84 aois 72. ACH –“Air dha bhi marbh, tha e fhathast a`labhairt.”
O seinnidh mise `n t-òran seo mu m`athair chaidh thoirt uainn `S chan eagal leam cò chluinneas e tràth nì mi airsan luaidh Bha againne cho gràdhaichte `s nach gabh e chuir an cainnt Is dh`iarrainn-sa nam b`aithne dhomh don Tighearn` bhi toirt taing
Airson gach facal beannaichte a thàinig riamh bho bheul Mu`n t`Soisgeul ud bu taitneach leis `s a chuireadh e an cèill Ag ìnnse mu na fiosraichean bh`aig Clann an Tighearn` gu lèir Nan imeachd troimh an fhàsach seo a`leigeil taic air Fèin.
B`fhear-mìneachaidh bha ealant` e air shoillseachadh o`n Aird A`dèanamh sgoltadh soilleir eadar mearachd `s teagasg gràis Bha `n Fhìrinn mar a mhil leis is i tric aige fo theang` Mar chraoibh an cois na h-aibhne e - s bha toradh air gach meang!
Na òige rinn e follaiseach gum bu ghràdhaicht` leis-san Criosd S ged bha dàimhean feòla mùirneach leis bha iad mar nì nach b`fhiach An taca ris a`Chuspair ud dan robh e toirt chiad àit` Na bheath` bhon là ro-bheannaicht` ud nuair shaothraich airsan gràs.
Dh`fhàgadh leth-cheud bliadhna e ag imeachd toimh an fhàsach S bu tric a chlaoidheadh anam-san le saoghal, feòil is Sàtan Ach thug e buaidh orr` uile troimh Neart-san bha cuir dìon air Is shaoradh nis gu buileach e bho na nithean bha cuir fiamh air.
Bui bhlasda bhi na chuideachd `n tràth labhradh e gu dìomhair Mu na nithean beannaichte a chual `e aig MacIomhair Cha robh nì air thalamh dhèanadh chaoidh a mhùchadh Na thòisich anns an anam aig` nuair chaidh am baile dhùsgadh.
Rèir eachdraidh bha mòran ann a thòisich aig an t-àm ud `S ged tha cuid an làthair tha mòran a nis thall dhiubh A`mealltainn làthaireachd Mhic Dhè gu sìorraidh còmh` ri chèile Gun earbs` aca annta fèin- ach Annsan rinn an rèite!
“An Tì a nì am Mac saor gum bi e saor dha-rìribh” Bu tric bha theang` ga chuir an cèill s a chaoidh chan fhàsadh sgìth dheth Is dh`iarradh e nì fhuair e fhèin do gach neach s gach àite S bha chridhe cràiteach s e fo phèin nuair nach gabhadh iad ri Slàinte.
Gach aon a tha `s a bhaile be am fianais –san mu chuairt Gun robh nì aige-san na anam a ghineadh ann bho shuas B`e siud a chumadh cagnadh ris s e gluas`d bho là gu là A`faicinn nithean saoghalta mar dhìomhanas gun stà.
Bu tric e air na h`òrdaighean `s gach cuideachd anns gach àit` Chan isteadh e - cha b`urrainn dha - s e labhairt mun an t –Slàint` Le briathran chuireadh solas dhuinn air nithean dìomhair Dhè Is cha b`e mhiann bhi goirteachadh aon uan bha measg na treud.
Bha cuimhn` aig air na samhlaidhean a chual e n` làithean òig Bhon teachdair ud a dh`ainmich mi troimh `n tàinig mòran beò Mun “t-sìoltachan”s mun “chlann-sgoile” – bu tric bhiodh e gan ìnns` Is mòran eile nach ainmich mi- ach san robh luach gun phrìs.
B`èildear anns an eaglais e bha treibhdhireach `s gach nì A sheasadh ceart sa bhuaireadh, chan iarradh e ach sìth Is b`ionmhainn leis na h-uile neach bha gluas`d rèir facal Dhè Cha bu chaomh leis sgaraidhean a dhèanamh measg na treud.
Nach tuirt e fhèin aon latha rium mi bhi neartachadh nam bràithrean “Ge be àit` sam faighear thu, is Dheth-san na gabh nàire Is ged tha sùilean dhaoine ort se sùilean Dhè tha cunntadh Is fiach gum bi thu daonnan a `neartachadh a mhuinntir
Tha cuir an dòigh an Criosd an seo san siud s gach àite Gràdhaich iad mar `s còir nad chrìdh is innis dhaibh mu ghràs-san” Ghabh mi ris a `chomhairl` sin is fa-dheòidh rinn Dia tren Fhìrinn Soilleir dhomh gu feumain-sa an Soisgeul bhi ga lìrig.
Bi cuimhn` agam ri m`mhaireann `s e nas mìlse dhomh na `n silidh Gheamhradh deireannach air thalamh s e còmhla rium `m Bun Illidh Bhiodh e s a` choinneamh- ùrnaigh ag iarraidh Spiorad Chriosda Bhi reub o chèil na nèamhan `s a bhi ri teachd a nìos oirnn.
Oir `s soilleir gu bheil mòran an seo mar anns gach àite Th`air an dalladh `s bhios an dòrainn ma se `s gum buail am bàs iad An suideachadh a th`ac` cho bochd `s iad marbh `s gun iad ri gluas`d O`s tric a dh`amhairc m`athair orr` s a dh`fhairich e dhaibh truas!
S e dh`iarradh e gum faiceadh e mar bha an làithean òig Mòran a`gluas`d gu faiceallach `s an Spiorad gan toirt beò S ged a thugadh e air falbh, chan eil facal Dhè gun tairbh` S nuair shèideas Esan air an talamh bheir E beò na mairbh.
Don h-uile neach le èigin fhèin, gu tric bhiodh e ri ` g iarraidh Gun dèanta fuasgladh orr` nam feum le Dia an tìm `s gu sìorraidh Se ghuideadh e air Dia dha fèin ach tròcair là s a dh`oidhche Bha chridhe cealgach dha na phèin, s cha do chaill e riamh air cuimhne.
Chuir sin e dh`iarraidh comhar` gràis bhiodh cinnteach n` àm an dearbhaidh N gràdh bha aige dha gach bràth`r an ceanglaichean an anama Bha siud dha prìseil - ach `s e Criosd a dh`iarradh e na aonar Son a neartachadh`s e sgìth dheth fhèin s gach nì a bha san t-saoghal.
Gun robh e fàs an gràs gach là is cuideachd ann an eòlas Bha sin soilleir do gach neach, oir `s ann an Criosd bha dhòchas S ged bhitheadh iomadh teagamh agus eagal air gach là B`ann d`a Ionnsaigh-san a rachadh e- is theicheadh iad air falbh.
Bha iad ann bha mùirneach leis na imeachd troimh an fhàsach S bha iad tùrsach nuair a chual` iad teachdaireachd mu bhàs-san Ach thig an là `s thèid iad suas is bi iad còmh` ri chèile A`seinn laoidh mholaidh dhan an t-Uan s a chliù aca ga èigheachd.
Bha tòrr dhiù `s thugadh iad air falbh roimh m`athair-sa `o `n t-saoghal “O is math dhaibh-san gu dearbh” – b`e siud a bheachd-san daonnan Nuair chluinneadh e gun chaochail iad bha caomh leis anns an Tighearna Bhiodh e fhèin air tòir na d faochadh ud a mhaireadh dha gu sìorraidh.
An uair a labhradh e mun bhàs b`ann grad a bha e `g iarraidh Gun tugadh Criosda e air falbh- is fhuair e rèir a mhiann-san Lìon a ghnùis le glòir Mhic Dhè `n uair thàinig `n t-àm dha triall as ` S ged tha sinne tùirseach as a dhèidh- tha ghrian air cùl nan neul ud.
S cha chreidinn-sa ged dh`ìnnseadh dhomh gun dèanadh lot a bhàis M`anam agus m`inntinn-sa chuir sìos gu bhith ro-chràidht` Ach sin e mar a thachair `s cha nàir leam a bhith luaidh Air m`athair chaidh a sgaradh uam ` s na thug e orm de bhuaidh.
Bi cuimhn` agamsa gu bràth air an t-Sàbaid ud nuair thàinig Fios thugam gun d`fhuair e bàs – bha mo chridhe air a sgàineadh Cha robh comhfhurtachd dhomh ann bho aon de chloinn nan daoine S ri cuid eile ghabh mi sannt- gus an tàinig facal faochaidh.
N tràth labhair rium Mac Dhè o nèamh is fhreagair E mo cheist “Gach neach a chreideas annam-sa chan fhaigh e bàs am feasd S ged gheibh e bàs gum bi e beò”, siud thuirt e rium san àm “Tha caladh ann is miannach leo, s tha d`athair-sa nis ann.”
“Chan fhaigh mi bàs ach maiream beò is ìnnseam oibre Dhè” Siud sheinneadh leò aig adhlaiceadh is rinn e dhomh-sa feum Bhi beachdachadh air m`athair-sa na ionad –còmhnaidh shuas S e `g amhairc air `s a `labhairt ris an Neach thug dha an duais
Tha feitheamh air gach creutair a dh`iomaicheas na Shàil S a bheir san t-saoghal spèis Dha – bi iad maille Ris gun dàil Nuair thig a ghuth gan gabhail-san gu sìorraidh Thuige Fhèin Mar thàinig e gu m`athair-sa- is cha tèid fodha `n grèin.
Saoilidh mi gun cluinn mi e `s e nise labhairt shuas “Cha d`thàinig riamh a-steach orm nuair bha mi air mo chuairt Na tha mi nis ri sealbhachadh `s mi faicinn gnùis mo Rìgh Is seinnidh mi gu sìorraidh s a chaoidh chan fhàs mi sgìth.
Tha mo chòmhrag seachad is gach teagamh nis air falbh Chan eil bròn `n seo agam- tha feath far `n robh gaoth gharbh Gach osag a thug m`anam-sa nuair bha mi anns an fheòil Chan eil sgeul orr` agam bho`n fhuair mi steach a Ghlòir.
S chan iarrainn chaoidh bhi tilleadh dhan staid san robh mi uair Is peacadh dha mo mhilleadh - O glòir a bhith don t- Uan Gu b`Esan chaidh a mharbhadh – tha mi `g amharc Air le m`shùil S bho thug E mise maille Ris cha d`fhuair mi briseadh dùil”
Ged nach labhramaid ach ainneamh ri chèil mu nithean Dhè Le bannaibh a tha sìorraidh- seadh mairidh iad gu bràth S bha sinn le chèile g iarraidh gum blaiseadh càch de n t-Slàint`
Na bhuineas d`ar teaghlach `s a tha gun lorg air Dia Ar n`athair is ar màthair- gun cuireadh an dòigh san Triath O s tric a bhiodh e ` g ùrnaigh airson na big s na mòr Nach rachadh iad gu dòrainn ach gum faighteadh iad an glòir
Chan eil aon nì a mhiannachainn dom pheathraichean `s do m` bhràth`r Ach gum faicinn iad ag iarraidh Dia m`athair is mo mhàth`r S gum biomaid uile ann an Criosd mus ruig sinn crìoch ar lò S gu ifrinn bàis nach rach sinn sìos -ach shuas gum bi sin beò.
Cha b`urrainn a bhith agam-sa athair eile coltach ris Bu tric a bhiodh e tagradh dhomh ach sguir e dheth a nis O Thighearn gabh ri m`bhuidheachas airson gach oidhch` is là A thug thu dhomh na chuideachd-san – O moladh Dhuit gu bràth! |
|
|