|
|
|
Marbhrann don t-Urr Murachadh A MacLeòid
Tha sinn a-nochd aig Babilon le clàrsaich 's i gun cheòl, I tosdach balbh 's a teudan air an seulachadh le bròn; Tha guth a' bhàis ag eigheachd oir is feur gach uile fheòil, Is duilich leinn an sgeul seo gun dh' eug thu a MhicLeòid.
Cò thuigeas meud na beàrn a rinn thu fhàgail na do dhèidh, Aig bean 's aig clann chaidh àrach fo fhasgadh blàth do sgèith, Aig piuthar is aig bràithrean a bha càirdeal annta fein, Ach an Ti ghabh cumhais an àmhghair blieir E gràsan dhaibh da rèir.
Ach 'n dùil cò air bha lorg agad nuair a dh' fhalbh thu bhon an treud? Do dhùil a dhol dhan Olaind le ordugh bhon a Chlèir, Ach 's ann bha d' obair crìochnaichte rèir ruintean dìomhair Dhè, Cha do shaothraich thu gu dìomhain, dh' fhàg tliu d' fhianais na do dhèidh.
Bha buaidh an cois do shearmoin, cha robh cearb orra no sgòid Air an deaseachadh gu dìcheallach 's an fhìrinn dhut na treòir; Bha misneachadh don anmhainn annt' toirt dearbhadh air an còir, Bha Spiorad Naomh ri lorg annta 's bha daoine marbh tighinn beò.
Nach iomadh meanglan alàinn tha ri fàs an gàrradh Dhè Rinn doinnean chruaidh an fhàsaich seo a shàrachadh gu freumh, Ach nuair a thig an stoirm gu h-àirde nì an Garradair gu sèimh An toirt a-steach don t-sàbhailteachd tha staigh na àros fèin.
Ach dè math dhuinn bhith ceasnachadh no 'n diùmb ri freasdal Dhè, Nach E an Ti thug bhuainn thu, a thug dhuinn thu mar an ceudn'; B' fheàrr an-diugh bhith cuimhneachadh gach là is oidhch' a dh' èisd Sinn ri do bhriathran tlachdmhor 'g inns mu theachaireachd na rèit'.
An dùil a-riamh na chuir sinn luach air na chuala sinn bho bheul, No na thuig sinn meud nan uallaichean bh' air buachaillean nan treud? An deach 'ar n-urnaigh suas nuair bu chruaidh a bha oir' feum? ‘Se sin cuid de ur buairidan ‘s tha cur ar gruaim am meud.
'S iomadh cladhan dìomhair tron a bheathaich Dia a shluagh; Fhuair fithich feòil san fhàsach gus am fàidh a chumail suas. Fhuair Rut bho Bhoaz saorsa gu bhith dioghlaim measg nan sguab 'S thug Ioseph lòn da bhràithrean ged bha aca dhasan fuath.
Tha d' anam nis am Pàras ann an comann blàth nan Naoimh Far nach cluinn thu guth fir sàrachaidh no nàmhaid ga do chlaoidh Tha do chorp na laighe sàmhach taobh do chàirdean air an Aoigh Gus am bris an là le gàirdeachas 's an teich na sgàilean bhuainn.
Chi thu gnùis do Shlànaighear gun sgàile air clo shùil, 'S chì thu glòir an teàrnaidh a' deàlrachadh na chrùn, Na lotan tha Na làmhan 's an làrach tha na thaobh A fhuair E tro bhith bàsachadh chum luchd A ghraidh chur saor.
Ach dè math dhòmhs' bhith feuchainn ri briathran chur ri chèil', Cha ruig mi air an dheuchain na air cianalas a 's deur, Ach tha gràdh is ceangal Diadhaidh aig Crìosdaidhean gha chèil' A leanas iad dhan t-Sìorraidheachd 's tha gnìomhachadh nan dèidh.
Tha feasgar dhuinne ciaradh 's tha ghrian a' triall na h-àm, Tha an turas gu bhith criochnaichte 's ar bliadhn' a' tighinn gu ceann, 'S far bheil thusa còmhnaidh anns na Seomraichean tha thall, Ma choinnicheas Dia Na thròcair ruinn bidh sinne còmhl' riut ann.
Alasdair Moireach, 1995 In loving memory of:- Rev. Murdo Alick Macleod, beloved minister of the Gospel. Stornoway Congregation of the Free Church of Scotland. – ‘Till we meet again.’ |
|
|