|
|
|
Composed in loving memory of A. D. Murray (Scotch) drowned on MV Muirfield in No. 9 Hold, on 9th November 1975. Latitude 03 - 58°S Longitude 7.8 - 25°E
Nach duilich dhomhs' an oidhche seo na rainn seo chur an clò Le cridhe trom gan innse 's gan sgrìobhadh tro mo dheòir Naidheachd bàis mo chiad ghin ga mo lìonadh sa le bròn 'S gun agam nis ach cuimhneachain air làithean aoibhneach d' òig'.
Cò thuigeas meud nam mìorbhailean tha ann am Freasdal dìomhair Dhè A dh' òrdaicheadh bho Shìorraidheachd leis an Trianaid ann an Nèimh A' nochdadh dhomh gur dìomhanas mo dhèanadas gu lèir 'S e nach robh agam dhìot ach iasad dh' fhàg mi cianail na do dhèidh.
Bha Dia cho pàilt na ghràsan dhomh, 's e fhàilnig ach an fheòil 'S ceistean cruaidh ag èirigh nach biodh feumail dha mo sheòrs' An fhìrinn bha ri strì rium air a mìneachadh ann dhomhs Aig 'Màra' air mo dhearbhadh, 's bha h-uisge searbh ri òl.
Nach cruaidh air cridhe màthar a rinn d' àrach is tu maoth Nach robh neach ann chum do shàbhaladh nuair bha am bàs cho dlùth Nach robh piuthar ann no bràthair, no càirdean ri do thaobh A ghabhadh grèim air làmh ort, nuair dhùin am bàs do shùil.
Cò 's urrainn a bhith cuibhreachadh no cuing chur air an smuain 'S tric gad lorg na m' inntinn mi air feadh nan tuinn 's nan stuadh Cha chuir sinn suas clach chuimhne ort ann an doimhneachdan a' chuain 'S gu bràth chan fhàs am feur oirre, cha deàrlaich grian air d' uaigh,
Bha iomadh ceist is àrach ann an cois do bhàs co-dhiù 'S ged is ann air bòrd a bhàt' chaidh do bhàthadh fo a siùil Cha d' fhuair sinn fiù do chnàmhan gus an càradh anns an ùir 'S cha laigh iad ann am Bàrabhas anns a' ghainmheach ri ar taobh.
Ach nuair bu duirch' an oidhche 's gun soillseachadh na neòil Bha Spiorad Naomh a' cuimhneachadh a gealladh saidhbhir dhomhs' A' dùsgadh suas mo chuimhne 's cur aoibhneas na mo bhròn Nach robh mo chiad-sa caillte, 's ann bha oighreachd ann an Glòir.
Alasdair Moireach, Stornoway |
|
|